layout | title | image | permalink |
---|---|---|---|
page |
Dualchas |
/images/icons/cuairt-litir.png |
/dualchas/ |
Tha eachdraidh LGDT fada agus cudromach againn ann an Alba. Gu h‑ìosal gheibhear geàrr‑chunntas ghoirid de cuid de na tachartasan agus daoine a tha air buaidh mhòr a thoirt air eachdraidh LGDT na h‑Alba.
Thug Seumas VI na h‑Alba is I Shasainn iomradh air Seòras Villers mar ‘my dear child and wife‘.
Chan eil e soilleir, ach tha cuid de dh’eòlaichean dhen bheachd gu ro e co‑sheòrsach no dà‑sheòrsach.
Chaidh an cluba Beggar’s Benison a stèidheachadh ann an Ànsruthair, Fìobha, gus feisealachd fireannach a chomharrachadh.
Thug Isabel Gunn an t‑ainm Iain Fubbister oirre fhèin gus am faigheadh i obair le Companaidh Bàgh Hudson. Chaidh a lorg ann an 1806 nuair a bhreith i leanabh agus chaidh a cur dhachaigh o Chanada a Àrcaibh.
Thog sgoilear aig sgoil phrìobhaideach ann an Drumsheugh, Dùn Èideann casaid an aghaidh dithis thidsear, Marianne Woods agus Jane Piries, gun robh iad ann an dàimh ghnèitheasach.
Dhùin an sgoil sa bhad agus thòisich sreath de chùisean‑lagha nan aghaidh a mhaireas gu 1820.
Ged a bhuannaich iad a’ chùis aig aig a’ cheann thall, bha an dithis air fhàgail ann am bochdainn mar thoradh cìsean laghail mòra.
Ann an 1865 bhàsaich Dr. Seumas Barry agus chaidh a lorg gun deach gnè boireannach a chur air aig àm a bhreith.
Nuair a bhàsaich e, bha Dr. Barry air a bhith na dhotair armailteach fad 46 bliadhna agus ràinig e ìre Àrd‑sgrùdaire nan Ospadalan Armailteach.
Bhàsaich an neach‑poileataigs Murchadh Hall ann an Eabhraig Nuadh agus chaidh a lorg gun deach gnè boireannach a chur air aig àm a bhreith.
Nuair a bhàsaich e, bha e air a bhith na neach‑poileataigs fad 25 bliadhna agus bha e a’ fuireach ann am Baile Eabhraig còmhla ri a bhean agus an uchd‑nighean aca.
Rugadh e mar Màiri Anderson ann am Baile a’ Ghobhainn, Alba ann an 1841.
Rugadh Eachainn MacDhòmhnaill (no Eachann nan Cath / The Fighting Mac mar a chanar ris) air an 4mh Am Màrt 1853 aig Rootfield, croit athair ann am Maol Buidhe faisg air Inbhir Pheofharain.
Ann an 1870 ghabh e ballrachd san Gòrdan Gàidhealach ‘s a dhà agus chaidh e gu na h‑Ìnnseachan, Afghanistan, Afraga a dheas agus an Sudan na h‑Èipheit.
Ann an 1900 chaidh e na Mhàidsear‑Seanailear nuair a chaidh e gu Afraga a dheas agus ann an 1901 thug an Rìgh an tiotal Mhàidsear‑Seanailear Sir Eachainn MacDhòmhnaill air.
Chaidh e gu Ceylon ann an 1902 ach cha robh na h‑oifigearan eile a bha còmhla ris toilichte gun robh iad ag obair còmhla ri mac croiteir agus ann an 1903 chuir iad pìos anns a’ phàipear‑naidheachd a’ moladh gun robh e co‑sheòrsach.
“Dearest Mab, Do you really mean to say that, besides your‑self three ladies (all up country ones, too) were the only ones who went to see our new General arrive?… Then, dear, you know we heard a whispered rumour that he does not like ladies, and possibly may have been pleasently surprised when he had dropped on a spicy little Isle where ladies are far and few between.” ‑ Times of Ceylon 1903
Chuir Mhàidsear‑Seanailear Sir Eachainn MacDhòmhnaill lamh na bheath fhèin
Chaidh an sgeulachd seo tro Ìompaireachd Breatannach agus shiubhail e air ais gu Breatainn airson cuideachadh a fhaighinn bhon Rìgh, ach cha robh an Rìgh airson a chuideachadh agus chaidh MacDhòmhnaill a chur air ais gu Ceylon far am biodh e an dùil ri “court‑marshall”.
Stad MacDhòmhnaill ann am Paris air an t‑slighe air ais gu Ceylon. Air 25mh Am Màrt 1903, fhad ’s a bha e a’ gabhail braicaist aig Taigh‑osta Regina ann am Paris, leugh MacDhomhnaill sgeulachd mu a dheidhinn ann am pàipear‑naidheachd. As dèidh a leughadh chaidh e air ais dhan seòmar aige agus chuir e làmh na bheatha fhèin.
Chan eil eòlaichean cinnteach fhathast nan robh e co‑sheòrsach no an robh na h‑oifigearan eile dìreach airson a chliù a mhilleadh air sgàth ’s gum b’ e mac croiteir a bh’ ann. Tha fianais ann ge‑tà gun robh e pòsta agus bha mac aige.
Eadar 1904 agus 1907 chaidh an Carragh‑cuimhne Eachainn MhicDhòmhnaill a thogail air Cnoc Mhìcheil ann an Inbhir Pheofharain.
Tha carragh‑cuimhne Nelson ann an Glaschu air ainmeachadh ann an sgrìobhainnean na cùirte mar àite coinneachaidh airson fireannaich co‑sheòrsach.
Sgrìobh Lillian Hellman an dealbh‑cluich The Children’s Hour a bha stèidhichte air a’ chuis‑lagha Dhrumsheugh. Chaidh a thoirmeasg san Rìoghachd Aonaichte.
Mhòl Aithisg Wolfenden gum bu chòir fèise co‑sheòrsach co‑aontachail a bhith air a dhèanamh laghail ach chaidh a dhiùltadh leis an Riaghaltas.
Chaidh sgeulachd Dhrumsheugh a dhèanamh na film, The Children’s Hour, le cleasaichean Audrey Hepburn, Shirley MacLaine, agus James Garner.
B’ e na h‑Aimhreitean Stonewall sreath de dh’fhianaisean‑dùbhlain ainneartach le buill a’ choimhearsnachd LGDT an aghaidh ionnsaigh Poileis a thachair 28mh An Ògmhios 1969 aig Stonewall Inn ann am Manhattan. Chaidh an fheadhainn a bha an làthair air am bualadh, air an cur an grèim, agus air an ìsleachadh leis a’ Phoileas.
Mhair na h‑aimhreitean grunn oidhcheannan, agus nochd iomadh bhuidhnean gnìomhachd eagraichte as an dèidh.
Thathar a’ creidsinn gur e an tachartas as cudromaiche ann eachdraidh an iomairt airson còirichean LGDT anns na Stàitean Aonaichte agus an còrr dhen t‑Saoghail.
An‑diugh, tha fèisean‑pròise air an cumail gach bliadhna air feadh an t‑saoghail gu deireadh an Ògmhios gus na h‑aimhreitean Stonewall, agus a’ choimhearsnachd LGDT san fharsaingeachd, a chomharrachadh.
Chaidh an Scottish Minorities Group (SMG) a stèidheachadh ann an Glaschu gus iomairt a dhèanamh airson co‑sheòrsachd a dhèanamh laghail ann an Alba.
Chaidh a’ chiad oidhche gèidh, Cobweb Disco, a chumail ann an Glaschu.
Chaidh a’ chiad iris bitheanta mu dheidhinn beatha LGDT ann an Alba, SMG News / Gay Scotland, a fhoillseachadh.
Dh’fhosgail a’ chiad bàr gèidh, Waterloo Bar, ann an Glaschu.
Chaidh a’ chiad Co‑labhairt Eadar‑nàiseanta Còirichean Gèidh a chumail ann an Dùn Èideann.
Sheall BBC 1 The Scottish Minorities Group ‑ Glad to be Gay?, film‑aithriseachd mu dheidhinn obair SMG.
Dh’fhosgail The Gay Centre ann an Sràid Sauchiehall, Glaschu.
Bha SMG air ath‑ainmeachadh gu Scottish Homosexual Rights Group.
Chaidh an iris Gay Granite a fhoillseachadh le Comann Gèidh Oilthigh Obar Dheathain.
Rinn Achd Ceartas Eucoir 1980 (Alba) co‑sheòrsachd laghail ann an Alba cho fhad ’s a bha e prìobhaideachd, co‑aontaichte agus gun robh na companaich nas sine na 21. Chaidh an achd a chur an gnìomh 1d An Gearran 1981.
Bhàsaich Terry Higgins mar thoradh air tinneas co‑cheangailte ri AIDS agus chaidh an carthannas Terrence Higgins Trust a stèidheachadh leis a chompanach agus a chàirdean. An‑diugh ’s e THT an carthannas HIV/AIDS as motha san Rìoghachd Aonaichte.
Chur Aonadh Oilthigh Ghlaschu casg air comann gèidh an oilthighbho bhith a’ coinneachadh anns an togalach.
Dh’fhosgail Lavender Menace, bùth leabhraichean LGDT ann an Dùn Èideann.
Chaidh casg iomlan a chur air fireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala air sgàth eagail mun ghalair HIV.
Chaidh casaid a thogail an aghaidh Jeeves Bar ann an Obar Dheathain air sgàth ’s gun do dhiùlt iad leasbaich ann an èideadh follaiseach agus buidhnean le barrachd air triùir dhaoine gèidh.
Chaidh a’ bhuidheann Stonewall UK a stèidheachadh gus iomairt a dhèanamh airson còirichean co‑ionann LGDT. Bha Iain McKellen agus Mìcheal Cashman a‑measg nam ball stèidheachaidh.
Bha Earrann 28 (Section 28) dhen Achd Riaghaltas Ionadail 1988 na atharrachadh connspaideach air Achd Riaghaltas Ionadail 1986 a chaidh a chur an gnìomh air 24mh An Cèitean 1988.
Thuirt an achd nach bu chòir do dh’ùghdarrasan ionadail co‑sheòrsachd a bhrosnachadh a dh’aona ghnothaich no stuth fhoillseachadh leis an rùn a bhith a’ brosnachadh co‑sheòrsachd, no teagaisg ann an sgoiltean a tha air an cumail leis an Riaghaltas gur e dàimh teaghlaich aontaichte a th’ ann an co‑sheòrsachd.
Cha b’ fhada gus an robh buaidh Earrann 28 follaiseach, le cuid de sgoiltean agus comhairlean a’ dùnadh buidhnean taic òigridh LGDT agus bha eagal air luchd‑teagaisg mu bhruidhinn cùisean gèidh le oileanaich air sgàth eagal gun cailleadh iad maoineachadh stàite.
Ged a chaidh Earrann 28 a chur às leis Riaghaltas na h‑Alba ann an 2000 agus Riaghaltas Bhreatainn ann an 2003, bha buaidh mhaireannach aige air siostam an fhoghlaim agus cha b’ ann gu 2018 a dh’ainmich Riaghaltas na h‑Alba gum bu chòir cùisean LGDT a bhith na phàirt dhen chlàr‑teagaisg.
Chaidh LGBT Youth Scotland a stèidheachadh ann an Dùn Èideann gus sreath de chothromannan agus seirbheisean a thabhann do dhaoine òga LGDT.
Thàinig Edwin Morgan, Bàrd Ghlaschu, a‑mach aig aois 70.
Chaidh iomairt a chur air bhog gus airgead a thogail airson ionad LGDT a fhosgladh ann an Glaschu.
Chaidh fèill bhliadhnail de chultar LGDT a chur air bhog leis an fhèis‑ealain GlasGay!
Chaidh The Steve Retson Project a chur air bhog gus HIV a shabaid.
Chaidh an iris ScotsGay a fhoillseachadh airson a’ chiad turas.
Dh’fhosgail an Tasglann agus Ionad Fiosrachaidh Leasbach aig Leabharlann nam Ban ann an Glaschu.
Dh’fhosgail Ionad LGDT Ghlascu.
Chaidh a’ chiad Fèis‑pròise na h‑Alba, no Fèis‑pròis Dhùn Èideann mar a th’ air a‑nis, a chumail ann an Dùn Èideann.
Chaidh MCT Theatre Company, a’ chiad chompanaidh dràma LGDT ann an Alba, a stèidheachadh.
Chaidh The Equality Network a stèidheachadh gus iomairt a dhèanamh airson còirichean co‑ionann do dhaoine LGDT na h‑Alba.
Chaidh an casg a bh’ air daoine co‑sheòrsach san airm a thogail.
Chaidh Earrann 28 a chur às le Riaghaltas na h‑Alba. Cha b’ ann gu 2003 gun deach a chur às dhan chòrr de Bhreatainn.
Chaidh an aois co‑aontachaidh air ìsleachadh gu 16 airson fireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach.
Chaidh a’ chiad fèis‑pròise a chumail ann an Obar Dheathain.
Chaidh an làrach‑lìn OurStory Scotland a chur air bhog gus eachdraidh agus dualchas a’ choimhearsnachd LGDT a chlàradh.
Thug Achd Aithneachadh Gnè aithneachadh laghail do dhaoine tar‑ghnèitheach airson a’ chiad turas.
Chaidh Mìos Eachdraidh LGDT a chumail san RA airson a’ chiad turas.
Chaidh na ciad companasan catharra aon‑sheòrsach a chumail ann an Alba.
Chaidh Steaphan Purcell a thaghadh mar cheannard Comhairle Ghlaschu. B’ e esan an ceannard a b’ òige agus na chiad fear gèidh a chaidh a thaghadh ann an eachdraidh a’ bhaile.
Thug Achd Uchd‑mhacachd agus Cloinne (Alba) còirichean uchd‑mhacachd co‑ionann do chàraidean aon‑sheòrsach.
Chaidh Caidreachas Tar‑ghnèitheach na h‑Alba a chur air bhonn gus dèiligeadh ri leth‑bhreith agus an cion fiosrachaidh agus taic do dhaoine tar‑ghnèitheach ann an Alba.
Chaidh ceathrar daoine LGDT a thaghadh mar Buill Pàrlamaid na h‑Alba ’s iad Pàdraig Harvey, Mairead Nic a’ Ghobhainn, Joe Fitzpatrick agus Iain Mac a’ Ghobhainn.
Chaidh Cachín Cachán Cachunga!, co‑chomann ealain neo‑eisimeileach, a stèidheachadh ann an Dùn Èideann. ‘S e prìomh amas CCC tachartasan agus obraichean ealain a dhèanamh airson / le daoine tar‑ghnèitheach, eadar‑ghnèitheach agus queer ‑ gu h‑àraid ma tha iad cuideachd ciorramach, bodhar, bochd, neurodivergent, Afragnaich, Asianaich, tùsanaich, imrichean, fògarraich, no buill de mhion‑chinnidh eile sam bith.
Chaidh Achd na Co‑ionannachd a thoirt a‑steach gus dìon an aghaidh leth‑bhreith air sgàth feisealachd agus gnè.
Chaidh Glasgow Frontrunners, a’ chiad cluba‑ruith LGDT a chur air bhog.
Chaidh an casg iomlan a bh’ air fireannaich bho bhith a’ toirt seachad fala a chur às. Dh’fhaodadh iad fala a thoirt seachad as dèidh bliadhna gun a bhith ri feise le fireannach eile.
Chaidh Rut NicDhaibhidh a thaghadh mar a’ chiad ceannard gèidh aig Tòraidhean na h‑Alba.
Chaidh LEAP Sports a stèidheachadh ann an Glaschu gus dèiligeadh ri cnapan‑starra ro dhaoine LGDT ann an spòrs.
Chomharraich fèis‑ealain GlasGay! an 10mh bliadhna aca.
Chaidh a’ chiad fèis spòrs a chur air bhog le LEAP Sports.
Dh’fhosgail The Rusty Nail a’ chiad bàr LGDT ann an Sìorrachd Inbhir Àir.
Chaidh na ciad pòsaidhean aon‑sheòrsach ann an Alba a chumail air Oidhche Challainn.
Dhùin Gay Men’s Health ann an Glaschu as dèidh atharrachadh air maoineachadh sheirbheisean air feadh na dùthcha.
Chaidh Pink Saltire, carthannas naidheachd is fiosrachaidh LGDT na h‑Alba, a stèidheachadh.
Chaidh a’ chiad Duaisean LGDT na h‑Alba a chumail leis The Equality Network ann an Glaschu.
Chaidh an iris Scene Alba a fhoillseachadh airson a’ chiad turas.
Chaidh fèis‑pròise an‑asgaidh a chumail ann an Glaschu mar roghainn eile seach Fèis‑pròise Ghlaschu.
Chaidh am fèis film SQIFF (Scottish Queer International Film Festival)a chumail airson a’ chiad turas.
Chaidh Fèis‑pròise Lodainn an Iar a chur air bhog ann am Baile Laobhainn.
Chaidh an iomairt TIE (Time for Inclusive Education) a chur air bhog le Jordan Daly agus Liam Stevenson gus iomairt a dhèanamh airson siostam foghlaim nas in‑ghabhailiche ann an Alba.
Chaidh an sgioba rugbaidh LGDT, Glasgow Alphas, a stèidheachadh.
Chluich na sgiobaidhean ball‑coise LGDT Albannach, Saltire Thistleagus Hotscots, an aghaidh a chèile sa gheama mu dheireadh de cho‑fharpais cupa lìog GFSN.
Chaidh Pride House a fhosgladh le LEAP Sports ann an Glaschu.
Chaidh a’ chiad aithisg (Attitudes Towards LGBT in Scottish Education) a fhoillseachadh leis an iomairt TIE.
Chaidh The Fife Rainbow Gala & Awards a chumail ann an Dùn Phàrlain agus b’ e a’ chiad tachartas LGDT san sgìre a bh’ ann.
Chaidh Daibhidh Mundell a thaghadh na chiad bhall Tòraidheach gèidh anns a’ chaibineat.
Chaidh sreath de 40 tachartasan a chumail aig Pride House mar phàirt de Cupa na Cruinne: Gun Dachaigh ann an Glaschu.
Chuir Sgioba Ball‑coise Obar Dheathain an cluba luchd‑taic LGDT, Proud Dons, air bhog.
Chaidh chuimhneachain a chumail ann an Glaschu, Dùn Èideann, Dùn Dè agus air feadh an t‑saoghal as dèidh marbhadh de 49 neach aig club‑oidhche Pulse ann an Orlando.
B’ e Nicola Sturgeon na ciad ceannard Riaghaltais a chaidh a dheuchainn gu poblach airson HIV mar oidhirp gus dèiligeadh ris an stiogma mun a’ ghalair.
Chaidh a’ chiad Pink Heritage Day a chumail le Pink Saltire ann an Sruighlea.
Thug Nicola Sturgeon leisgeul poblach do dh’fhireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach a chaidh a dhìteadh fo laghan eachdraidheil.
Chaidh a’ chiad Fèis‑pròise Fìobha a chumail. Bha timcheall air 3500 daoine an làthair.
Chaidh an dàil a bh’ air fireannaich co‑sheòrsach agus dà‑sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala ìsleachadh bho aon bhliadhna gu trì mìosan gun a bhith ri feise le fireannach eile.
Chaidh dà chluba luchd‑taic ùr a stèidheachadh: Proud Jags le Partick Thistle agus Proud Dees le Dun Dè.
Chaidh a’ chluba luchd‑taic Proud Huddle a stèidheachadh le Celtic.
Rinn Riaghaltas na h‑Alba co‑chomhairleachadh mu atharrachaidhean gu Achd Aithnechadh Gnè airson aithne tar‑ghnèitheach agus neo‑bhìnearaidh a thoirt suas gu deagh chleachdaidhean eadar‑nàiseanta.
Chaidh Achd nan Eucoirean Feise Eachdraidheil (Mathanas & Dearmadan) no “Turing’s Law” a thoirt a‑steach. Logh e a h‑uile duine a chaidh a dhìteadh gu eachdraidheil airson a bhith co‑sheòrsach.
Chaidh a’ chiad Fèis‑pròise Tar‑ghnèitheach a chumail ann an Dùn Èideann.
Chaidh an iris DG Queerier a fhoillseachadh airson a’ chiad turas.
Chaidh a’ chiad fèis‑pròise do dhaoine LGBTI+ ciorramach agus bodhar a chumail le CCC ann an Glaschu.
Chaidh na ciad fèisean‑pròise a chumail ann an Inbhir Nis agus Steòrnabhagh.
Thuirt Riaghaltas na h‑Alba gum biodh cùisean LGDT+ na phàirt riatanach dhen chlàr‑teagaisg.
Thèid a’ chiad fèis‑pròise a chumail san Òban.